Rabhadh foill am Bàideanach

Seacaid Phoilis

Tha na Poilis ann am Bàideanach is Srath Spè a' moladh do luchd-gnothachais a bhith air am faiceal, an dèidh foill ann am bùithdean.

Thachair seo ann am Baile nan Granndach agus Bail' Ùr an t-Slèibh, le eucoirich a' dol a-steach dhan bhùthaidh le tòrr bhonn airgid, 's ag iarraidh sin atharrachadh gu airgead pàipeir.

Tha iad a' cur luchd na bùtha troimhe-chèile a dh'aona-ghnothaich, agus a' faighinn barrachd airgid na bu chòir.

Tha na Poilis a' sireadh dithis fhireannach - aon dhiubh eadar 20 is 30 bliadhna de dh'aois, 's am fear eile eadar 30 agus 40 bliadhna de dh'aois.