Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hurricane Irma

Tha Hurricane Irma air na British Virgin Islands a sgrios. Chaidh staid èiginneach a ghairm. Tha an stoirm air 14 duine a mharbhadh air feadh a' Charribean thuige seo. Tha na h-ùghdarrasan anns na Bahamas air òrdanachadh do dhaoine air ceithir eileanan anns an sgìre fhàgail, agus eagal ann mun mhilleadh a nì Irma ann an sin. Chaidh càineadh a dhèanamh air Riaghaltas Bhreatainn air sàilleabh cho slaodach 's a bha iad ann a bhith a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh nuair a ràinig an hurricane Eilean Anguila. Tha Feachd an Adhair a' cur a' chiad itealain a-null dha na British Virgin Islands an-diugh.

Crith-thalmhainn

Chaidh co-dhiù sianar a mharbhadh às deidh crith-thalmhainn aig 8.1 air a' chlàr, far chosta a deas Mheagsago. Chaidh rabhadh a thoirt ann an ochd dùthchannan san sgìre mu tsunami air sàilleabh na thachair.

Iain Paisley

Tha an DUP ag ràdh gu bheil e ceart agus iomchaidh gu bheil aon de na Buill-Phàrlamaid aca, Iain Paisley, air fios a chur gu Coimiseanair nan Ìrean aig a' Phàrlamaid, agus casaidean air nochdadh mu bhuannachdan a fhuair e o Riaghaltas Shri Lanka. Tha am pàipear-naidheachd an Daily Telegraph a' cumail a-mach gun do dh'fhailich air Mgr Paisley innse gun do phàigh Riaghaltas Shri Lanka airson làithean-saora luach nan deichean mhìltean Notaichean dha fhèin agus dha theaghlach ann an 2013.

Tiodhlaigidhean Inbhir Nis

Thathar a' tuigsinn gu bheil dàil air a bhith air tiodhlaigidhean ann an Inbhir Nis air sgàth gainnead luchd-obrach. Tha e coltach gun deach innse do dh'aon teaghlach gum feumadh iad feitheamh cha mhòr cola-deug ri tiodhlaigeadh, 's chaidh a ràdh cuideachd nach b' urrainnear barrachd na dhà a chumail anns an là. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e am poileasaidh aca tiodhlaigidhean a chumail taobh a-staigh seachd là, 's gur e sin a bhios a' tachairt mar as trice. Thuirt iad gu bheil duilgheadasan le luchd-obrach a bhith dheth ann an Inbhir Nis thar nan seachdainnean mu dheireadh a' ciallachadh gu bheil cuid air a bhith a' feitheamh nas fhaide. Thuirt Stiùiriche nan Seirbheisean Coimhearsnachd aig a' Chomhairle gu bheil an t-seirbheis aca a-nise air ais dhan àbhaist.

An A82

Tha crann air car a chur air an rathad an A82 an ear air baile Ghlinn Chomhann. Thuirt Poilis Alba nach deach duine sam bith a leòn. Chaidh iarraidh air dràibhearan an sgìre a sheachnadh ma ghabhas sin idir dèanamh. Diciadain bha an rathad dùinte treis cuideachd às dèidh do làraidh a cargo a chall.