Comhairle ag iarraidh £50m a bharrachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba £50m a bharrachd a thoirt dhaibh gus cuideachadh le bhith a' togail sgoiltean ùra san sgìre agus gus cuideachadh le obair-càraidh air feadhainn eile.

Tha cruaidh-fheum air bun-sgoil ùr air taobh a deas baile Inbhir Nis leis gu bheil taighean ùra gan togail san sgìre, agus tha na sgoiltean faisg air làimhe cha mhòr làn.

Dh'aontaich comhairlichean cheanna gus àrdachadh a thoirt air na tha companaidhean leasachaidh a' toirt seachad de dh'airgead.

Bha a' Chomhairle roimhe ag iarraidh nas lugha airgid air companaidhean leasachaidh mu choinneimh sgoiltean agus ghoireasan eile, na bha ùghdarras ionadail sam bith eile an Alba.