Crann-togail a' dùnadh an A82

Soidhne tubaiste nam Poileas

Tha an A82 dùinte an ear air baile Ghlinn Chomhann an dèidh do chrann-togail a dhol air a cliathaich.

Thuirt Poileas Alba nach robh dùil gun deach duine sam bith a dhroch ghoirteachadh san tubaist.

Chaidh iarraidh air dràibhearan an sgìre a sheachnadh ma 's urrainn dhaibh gus an tèid an carbad a thoirt air falbh.

'S e seo an dàrna turas a chaidh an A82 a dhùnadh ann am beagan làithean.

Chaill làraidh a luchd faisg air a' Ghearasdan Diciadain, a' dùnadh an rathaid greis.