ICT air buidheann de luchd-taic a chasg

Inverness Caledonian Thistle's stadium Image copyright SNS

Tha Caledonian Thistle air buidheann de luchd-taic a chasg bho gheamaichean a' chluba airson a' chòrr den t-seusan.

Thòisich an cluba rannsachadh às dèidh aithrisean gun robh "buidheann bheag" ri buaireadh tron gheama ann am Brechin air a' mhìos seo chaidh.

Thuirt cathraiche ICT, Graham Rae, gun do rinn an luchd-taic maslachadh air a' chluba leis an dol-a-mach aca.

Tha an cluba ag ràdh nach bu chòir dhan fheadhainn a tha air an casg feuchainn ri fhaighinn a-steach gu geama air an t-seusan seo, ann an Inbhir Nis no air falbh bhon taigh.

Thèid duine sam bith a dh'fheuchas ris an luchd-taic a chuideachadh a-steach gu geama a chasg cuideachd.

Thug ICT rabhadh cuideachd do bhuidhinn 'Ultras' a tha a' leantainn a' chluba.

Thuirt an cluba gun deach milleadh a dhèanamh air pìos de Phàirc a' Ghlìb am Brechin far an robh a' bhuidheann sin air cruinneachadh.

Tha ICT ag ràdh gu bheil fuaim gu leòr a' tighinn bhon bhuidhinn - rud nach eil e a' cur dragh orra - ach gum feum iad sguir ri droch chainnt, is cùl a chur ri bomaichean smùid is milleadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile