Buidheann Ghàidhlig ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air dearbhadh gun stèidhich iad buidheann ùr 'son na Gàidhlig.

Chaidh cur às dhan bhuidhinn nuair a ghabh na comhairlichean neo-eisimeileach, Lib-Deamach agus Làbarach smachd air a' Chomhairle às dèidh an taghaidh sa Chèitean.

Bhon uairsin 's ann aig Comataidh nan Goireasan a bha gnothaichean na Gàidhlig gan deasbad.

Ged a leanas sin, bidh cuideachd buidheann ùr, thar-phàrtaidh, ann.

Thuirt Cathraiche Chomataidh nan Goireasan, An Comh. Alasdair MacFhionghain, gum bi a' chomataidh ùr gu math eadar-dhealaichte bhon tè a bh' ann roimhpe.

"Bidh sinn a' coimhead ri foghlam agus rudan anns a' choimhearsnachd", thuirt e.

Chuir fear de chomhairlichean Ghallaibh, an Nàiseantach Raymond Bremner, fàilte air a' chomataidh ùir, ach thuirt e gum feumar dèanamh cinnteach gun robh a' Ghàidhlig aig meadhan obair na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile