Meirle ann an Steòrnabhagh

Tha na Poilis anns na h-Eileanan an Iar ag iarraidh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh stuth a ghoid à carbadan ann an Steòrnabhagh air an deireadh-sheachdain.

Thachair dà mhèirle eadar 8:00f Disathairne seo chaidh agus 08:00m madainn na Sàbaid air Rathad Chnoc nan Gobhar agus Sràid Chèith.

Chaidh lorg fhaighinn air cuid de na rudan a chaidh a ghoid, ach tha pàirt den stuth air nach d' fhuaras lorg fhathast.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine a chunnaic dad amharasach air na sràidean seo fios a chur oirnn cho luath 's a ghabhas", thuirt an Seàirdeant Jane NicCoinnich.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil na taighean is carbadan aca glaiste an-còmhnaidh gus stad a chur air mèirlich mar seo", thuirt i.

Bu chòir do dhuine sam bith a chunnaic càil amharasach fios a chur chun nam Poileas le a bhith a' fònadh 101 no Crimestoppers air 0800 555 111.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile