Beinn Nibheis san t-seann aimsir
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beinn Nibheis 'san t-seann aimsir

7 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich pròiseact sònraichte Diciadain a tha ag amas air seann fhiosrachadh mun aimsir air Beinn Nibheis bho chionn còrr is 100 bliadhna a chuir ann an cruth didseatach.

Aig an àm, chlàr luchd-saidheans a bha stèidhichte air a' bheinn gaoth, uisge is eile gach uair a thìde fad còrr is 20 bliadhna.

'S e an dòchas a-nis gun tèid am fiosrachadh a chur air-loidhne agus gun toir e beachd dhuinn air mar a tha an t-sìde ag atharrachadh.