Sgeama nan othaisgean gun atharrachadh

Caoraich

Tha Aonadh nan Tuathanach ag ràdh gu bheil iad tàmailteach nach do ghabh Riaghaltas na h-Alba ri molaidhean airson atharrachadh a thoirt air sgeama nan othaisgean.

Tha an sgeama air a bhith a' ruith fad trì bliadhna agus tuathanaich is croitearan air an fhearann as miosa a' faighinn pàigheadh airson gach uain bhoireann a thèid a gheamhrachadh.

Ach, chan eil e air a bhith ag obair cho 's math 's a bhathas an dùil, agus ged a chaidh atharrachaidhean a mholadh, cha deach gabhail riutha.

"Tha e doirbh dha na croitearan air talamh far a bheil sealg a' dol air adhart," thuirt Raibeart Dòmhnallach bho Aonadh nan Tuathanach.

Buannachd Mhòr

"Chan fhaigh iadsan na h-uain is na caoraich a thrusadh a-steach gu 's dòcha an t-Samhain.

"An ùine airson iarrtasan fon sgeama a' dùnadh ann am meadhan an Damhair.

"Tha sin a' fàgail nach fhaigh iad air na h-uain bhoireann aca a chur a-steach airson na sgeama, agus tha an NFU ag iarraidh an uinneag fhosgladh gu toiseach na Dùbhlachd airson a dhèanamh nas fhasa airson na daoine sin a chuideachadh.

"Chan eil adhbhar sam bith nach b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh airson chan eil na sgrùdaidhean a' tòiseachadh gu a-staigh dhan ath-bhliadhna.

"Tha meall den airgead a' dol dha na tuathanaich aig a bheil 's dòcha àm breith nan uan nas fheàrr, air an talamh nas fheàrr, agus nuair a chaidh an sgeama a chur suas an toiseach bha sinn ag iarraidh gum biodh casg air na h-àireamhan, agus nach fhaigheadh tu air airgead fhaighinn air barrachd is 20% no 25% de na caoraich bhriodaidh agad.

"Ach mar a tha e an-dràsta, gheibh iad airgead air na th' aca de dh'uain bhoireann, 's tha sin a' tarraing sìos a' phàighidh air fad.

"Nuair a thòisich iad bha iad a' smaoineachadh gum biodh £100 an othaisg air.

"Ach mar a thionndaidh e a-mach tha cus dhaoine ga iarraidh, agus tha e sìos gu mu £70 air an othaisg," thuirt e.

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba na molaidhean a chuir an NFU air adhart.

"An t-adhbhar a chaidh innse dhuinn, 's e nach robh iad ag iarraidh beantainn dhan choimpiutair," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Gun robh eagal am beatha aca sian atharrachadh air a' choimpiutair air eagal 's gun cuireadh e gnothaichean eile ceàrr.

"Tha an sgeama seo uabhasach riatanach dha na tuathanaich 's an croitearan air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

"'S e airgead a tha còir a bhith a' tighinn thuca, agus tha e a' dèanamh cuideachaidh mhòir mar a tha e.

"Ach nan robh sgeama ceart air obrachadh bhiodh e na bhuannachd mhòr mhòr dhaibh."