"Call mòr" do Scalpaigh

Bùth Scalpaigh

'S e call mòr a bhios ann do choimhearsnachd Scalpaigh nuair a dhùineas a' bhuth aca Disathairne seo tighinn, a rèir tè a th' air a bhith an teis-mheadhan na h-iomairt a stèidhich a' bhùth.

Bithidh ge-tà an t-aite-bìdhe a th' anns an aon togalach a' cumail a' dol.

Dh'fhosgail a' bhùth sa Chèitean 2012, agus a' choimhearsnachd air a ceannach air a' bhliadhna ron sin ann an oidhirp bùth a ghlèidheadh san eilean.

Dhùin a' bhùth a bh' ann ann an 2007.

Thuirt Mòrag NicLeòid nach robh gu leòr dhaoine a' cleachdadh na bùtha, agus le sin gum b' fheudar dhaibh dìreach co-dhùnadh sgur, às dèidh còig bliadhna.

"'S e an rud as motha gun robh sinn ann am fiachan," thuirt i.

"Bha sinn a' feuchainn ri fhaighinn seachad air sin, agus chaidh e air adhart ro fhada tha mi a' smaoineachadh.

Comhairle

"Mu dheireadh thug luchd-cunntais còmhairle oirnn gum feumamaid stad.

"Bha aon rud a' toirt buaidh air rud eile.

"Bha daoine a' gearain gun robh na prìsean ro àrd. Chan eil mi cinnteach gun robh - 's dòcha gun robh rud no dhà, ach rudan eile 's dòcha gun robh iad a cheart cho saor 's a bha iad ann am bùithdean eile.

"Ach dh'fheumadh na prìsean a bhith nas àirde air sgàth nach robh daoine a' ceannach.

"Chan fheàirrde àite beag sam bith faraidhean an asgaidh do dhaoine a tha seachad air aois shònraichte agus Tesco a bhith a' tighinn chun an dorais aca," thuirt i.

Gheibh luchd-earrainnean a tha ag iarraidh an cuid airgid air ais an t-airgead sin às dèidh dha na fiachan a th' air a' bhùthaidh a bhith air am pàigheadh, ach chan fhaigh iad nas motha na prìs aon earrainn, £25.