An Transocean Winner ann an Leòdhas

Transocean Winner

Dh'fhoillsich Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) aithisg air an Transocean Winner, a chaidh air na creagan aig tràigh Dhail Mhòir air taobh siar Leòdhais tràth sa mhadainn air an 8mh den Lùnasdal 2016.

Bha an clàr-ola ga thoirt bho Nirribhidh gu Malta nuair a bhrist an loidhe le ALP Forward, a bha ga shlaodadh, ann an stoirm.

Transocean Winner

Cha robh e follaiseach an toiseach dè cho fada 's a bhiodh an Transocean Winner air a ghlacadh air na creagan.

Air a' cheann thall, thug e trì seachdainean mus deach an clàr-ola a thoirt far na creagan agus a chur air bhog - gu ìre, a-rithist.

Clàr-ola

Shoirbhich leis an iomairt sin, is dh'fhàg an clàr-ola tràigh Dhail Mhòir

Chaidh an Transocean Winner an uairsin air chuairt timcheall Leòdhais.

Clàr-ola

Fhuair i dachaidh ùr aig acarsaid anns an Loch a Tuath.

Nochd an uairsin bàta mòr, Hawk, 'son a' chlàir-ola a ghiùlain air falbh.

Clàr-ola Image copyright MCA

Às dèidh iomairt, chaidh an Transocean Winner a thogail air bòrd Hawk.

Air an 14mh là den Damhair, dh'fhàg an clàr-ola soraidh slàn air Eilean Leòdhais.

Clàr-ola

Chaidh a thoirt an toiseach a Mhalta, is an uairsin dhan Tuirc.

Chaidh an Transocean Winner an uairsin a thoirt às a chèile - is am pìos mu dheireadh ga leaghadh tràth san Fhaoilleach 2016.

Tha an MAIB a-nise air laigsean mòra a nochdadh leis an ullachadh a rinn a' chompanaidh ALP, a bha a' slaodadh a' chlàir-ola mus deach e air na creagan, mar a làimhsich iad an gnothach, is cuid den uidheamachd a bh' aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile