Bùth Scalpaigh gus dùnadh

Thathar a' tuigsinn gu bheil Bùth Scalpaigh a' dol a dhùnadh aig deireadh na seachdain.

Chaidh innse gun tug grunn chnapan-starra thar ùine buaidh air a' bhùth, a' ciallachadh gum b' fheudar tighinn chun a' cho-dhùnaidh seo.

Chaidh a' bhùth a cheannach leis a' choimhearsnachd ann an 2011 às dèidh dhi a bhith air a dùnadh ann an 2007.

Dh' fhosgail i anns a' Chèitean 2012.

Tha e coltach gun dùin a' bhùth Disathairne.