Air ais a dh'obair

Tha na dùbhlanaich air am beul a chnàmh o thàinig an SNP gu cumhachd bho chionn deich bliadhna gun robh an aire a-riamh air na rudan ceàrr.

Carson, dh'èigheadh iad, nach sguir sibh den chabadaich mu neo-eisimeileachd agus na cumhachdan a tha agaibh a chur gu feum?

Nam beachd-san, is e mòran fhaclan is gainne ghnìomhan a fhuaras bhon SNP.

Cha do ghabh na nàiseantaich ri sin a-riamh agus cha do ghabh an-diugh.

Dhaibhsan, bha agus tha neo-eisimeileachd na dòigh gus beatha an t-sluaigh a chur am feabhas.

Ach, bha fianais an-diugh gun tug a' chasaid buaidh.

Connspaid

A' foillseachadh clàr-reachdais an riaghaltais anns an t-seòmar na bu tràithe, rinn Nicola Sturgeon oidhirp gus dearbhadh gun robh an sgiopa aice trang le gnothaichean làitheal.

(Tha na fathannan a' leantainn gun toir i crathadh oirre a dh'aithghearr, ach feumaidh sin feitheamh.)

Bha sia bile deug anns na dh'fhoillsich am prìomh mhinistear, ann an grunn roinnean.

Nam measg, bidh reachdas gus aois uallach na h-eucorach àrdachadh bho 8 gu 12, agus, nas connspaidiche, gus an àireamh de bhinnean prìosan nas giorra na bliadhna a lùghdachadh.

Leig am prìomh mhinistear fhaicinn cuideachd nach seas an riaghaltas an aghaidh bile an uainich Iain Finney a chuireadh casg air peannas corporra cloinne.

Cuideachd air ceartas, thèid maitheanas a thoirt do dhaoine a chaidh a dhìteadh airson gnìomhan feise nach eil mì-laghail tuilleadh.

Smachd

Aig cridhe a' chlàir tha bile an fhoghlaim, a bheir barrachd saorsa do cheannardan-sgoile agus smachd air nas motha den airgead a thèid a chosg anns na sgoiltean aca.

Bidh sin connspaideach - leis na comhairlean a chailleas smachd aig a' char as lugha - mar a bhios na sgrùdaidhean nàiseanta a bhios mar shlat-tomhais air soirbheas nan sgoiltean agus nan clann-sgoile.

Agus bidh aire nan Eilean air Bile Oighreachd a' Chrùin agus an riaghaltas ag ràdh a-rithist gum bu chòir do chomhairsneachdan buannachd fhaighinn aiste.

Bha gnìomhan eile cuideachd nach fheum bile, mar leasachadh an A9 airson càraichean dealain, leudachadh cùram sòisealta don fheadhainn a tha feumach air fo 65 bliadhna a dh'aois no cur as don reothadh tuarasdail anns an roinn phoblaich.

Tha deasbad gus tòiseachadh a dh'aithghearr air Bile a' Bhuidseit agus Ms Sturgeon air a ràdh gum bu chòir coimhead a-rithist air a' chìs chosnaidh.

Thèid guthan làidir a thogail air am bu chòir ìre lethchead a stèidheachadh a-rithist , air a shon agus na aghaidh.

Taic

Cha deach ach aon iomradh a dhèanamh air neo-eisimeileachd.

Thuirt am prìomh mhinistear gun toireadh iad sùil a-rithist air ceist an reifrinn nuair a tha coltas Brexit nas soilleire.

Roimhe sin, foillsichidh an riaghaltas grunn phàipearan a' lorg taic airson chumhachdan ùra do Holyrood ann an roinnean mar in-imreachd, sochairean, fastadh agus malairt.

As bith dè nì i, tha fios gun can cuid gur e neo-eisimeileachd a-mhàin a tha air cùl gach gnìomh a tha aig a' phrìomh mhinistear seo.

Ach tha an SNP a' dol às àidhcheadh gu bheil an dà amas - neo-eisimeileachd agus deagh riaghladh - a' dol an aghaidh a chèile.

Tha an deasbad a thòisich an-diugh gus leantainn.