Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Riaghaltas na h-Alba

Foillsichidh Nicola Strurgeon prògram reachdais ùr Riaghaltas na h-Alba an-diugh. Gheall i am plana as dealasaiche fhathast. Tha dùil gum bi foghlam aig cridhe nam planaichean. Bidh planaichean ann cuideachd airson na h-eaconomaidh, taigheadais agus airson na h-àrainneachd.

Corea a Tuath

Thug an Ceann-suidh Putin rabhadh seachad gum bi call mòr eadar-nàiseanta ann ma leanas cùisean mar a tha iad le Corea a Tuath. Tha na Stàitean Aonaichte ag iarraidh smachd-bhannan nas cruaidhe a chur air Corea a Tuath às dèidh na deuchainn niuclasaich mu dheireadh aca. Thuirt Washington gu bheil iad a' coimhead "ris a h-uile roghainn" airson dèiligeadh ri Corea a Tuath.

Brexit

Thèid Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davis, a cheasnachadh le buill phàrlamaid feasgar an-diugh, is iad a' tilleadh gu Westminster às dèidh saor-lathaichean an t-samhraidh. Tha oifigearan bhon EU air rabhadh a thoirt seachad nach eil adhartas ga dhèanamh le còmhraidhean Brexit.

Cidhe Ùige

Dh'aontaich oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd coinneamh shònraichte a chumail le iasgairean a tha a' cleachdadh Chaladh Ùige anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh plana airson an caladh a leasachadh airson bàta-aiseig ùr a thaisbeanadh anns a' bhaile an-dè. Chaidh draghan a nochdadh, gu h-àraid am measg iasgairean Ùige, nach eil na buidhnean a tha a' toirt na h-obrach air adhart, CMAL agus Comhairle na Gàidhealtachd, air èisteachd cheart a thoirt dhaibh.

Rèidio-eòlaichean

Thèid ceistean mi dhìth rèidio-eòlaichean ann an Ospadal an Rathaig Mhòir a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha air e faileachadh air NHS na Gàidhealtachd triùir dhiubh fhastadh dhan ospadal ann an Inbhir Nis. Tha trioblaidean ann air feadh na dùthcha cuideachd, le Colaiste Rìoghail nan Rèidio-Eòlaichean a' toirt rabhadh seachad gu bheil an t-seirbheis faisg air tuiteam às a chèile.

Inbhir Ghrainnse

Nì an t-aonadh Unite tagradh an aghaidh INEOS, leis a bheil Ionad Petro-Ceimigeach Inbhir Ghrainnse, ri linn 's gun do dhiùlt iad aithne oifigeil a thoirt dhaibh. Thuirt an t-aonadh gu bheil a' mhòr-chuid dhan luchd-obrach airson 's gum bi iad gan riochdachadh ann an còmhraidhean. Chun an seo, tha INEOS air diùltadh bruidhinn mun chùis.