Coinneamh às dèidh draghan mu chidhe Ùige

Cidhe Ùige Image copyright Getty Images

Dh'aontaich oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd coinneamh shònraichte a chumail le iasgairean a tha a' cleachdadh Chidhe Ùige anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh plana airson an caladh a leasachadh airson bàta-aiseig ùr a thaisbeanadh anns a' bhaile Diulain.

Chaidh draghan a nochdadh cheanna, gu h-àraid am measg iasgairean Ùig, nach eil na buidhnean a tha a' toirt na h-obrach air adhart, CMAL agus Comhairle na Gàidhealtachd, air èisteachd cheart a thoirt dhaibh.

Ach thuirt an t-iasgair Aonghas MacLeòid gun deach adhartas a dhèanamh aig coinneimh na seachdain-sa.

"Às dèidh an tachartais seo a-nochd, tha coltas ann gu bheil iad air tòiseachadh feart a thoirt do na beachdan againn.

Fiosrachadh mionaideach

"Tha iad air coinneamh a chur air dòigh còmhla ruinn anns na beagan mhìosan air thoiseach oirnn 'son na beachdan againn a thoirt air adhart.

"Agus tha coltas orra gu bheil iad, gu ìre, a' cur barrachd suim anns na puingean againn air sàilleabh chan eil leasachadh sam bith air a bhith ann 'son iasgairean aig a' chidhe 'son 15 bliadhnaichean.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil iad a' cur fàilte air beachdan dhaoine, gu h-àraid air beachdan nan iasgairean.

Thuirt Cailean Howell, Ceannard Bun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd: "Gu dearbh fhèin, gabhaidh sinn na beachdan sin air bòrd.

"An diugh, tha sinn air aontachadh gu bheil sinn a' dol a choinneachadh ris na h-iasgairean agus na daoine a tha a' cur feum air a' chidhe agus coimhead air an fhiosrachadh mhionaideach 'son dèanamh cinnteach gu bheil sinn ga fhaighinn cho math 's as urrainn dhuinn.

Tha dùil gun tèid a' choinneamh sin a chumail ro dheireadh na bliadhna.