Dìth dhotairean ga thogail aig Holyrood

Réidio-eòlas Image copyright Science Photo Library

Thèid dragh mi ghainnead rèidio-eòlaichean ann an Ospadal an Rathaig Mhòir a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Tha e air fàilligeadh air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd triùir rèidio-eòlaichean fhasdadh, ged tha iad ag ràdh gu bheil an t-seirbheis a tha iad a' toirt seachad sàbhailte.

Thuirt am bòrd-slàinte an t-seachdain seo gu bheil gainnead rèidio-eòlaichean aig ìre nàiseanta a' toirt buaidh orra, is gu bheil bùird-shlaìnte eile san dearbh shuidheachadh.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil barrachd is barrachd dhaoine air a' Ghàidhealtachd a' cur feum air seirbheisean réidio-eòlais san là a th' ann.

Cuiridh am BPA Gàidhealach Tòraidheach, Èideard Mountain, ceist mun t-suidheachadh aig Ospadal an Rathaig Mhòir air adhart aig Holyrood Dimàirt.

Faighnichidh Mgr Mountain do Riaghaltas na h-Alba dè tha iad a' dèanamh mun t-suidheachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile