Naidheachdan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m

4 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coirea a Tuath

Thuirt Coirea a Deas gum fac' iad comharran gu bheil Coirea a Tuath a' dèanamh deiseil airson rocaidean eile a losgadh. Tha oifigearan dìon air a bhith a' bruidhinn ri Pàrlamaid Choirea a Deas às dèidh do Choirea a Tuath an deuchainn niuclasach as cumhachdaiche fhathast a dhèanamh.

Thuirt na Stàitean Aonaichte gu bheil "iomadach roghainn armaichte" aca airson dèiligeadh ri Coirea a Tuath ma bheir iad ionnsaigh air àite a bhuineas dhaibh-san no do dhùthaich ris a bheil iad càirdeil.

Bana-Diùc Chambridge

Tha Lùchairt Khensington air innse gu bheil aig Bana-Dhiùc Chambrige ri leanabh eile. Ann an teachdaireachd chaidh a ràdh nach eil Catherine gu math agus gun tàinig oirre tarraing a-mach à turas ann an Lunnainn an-diugh.

Làbaraich

Tha dithis a-staigh a-nis airson ceannas nan Làbarach an Alba, is am Ball Pàrlamaid Albannach Anas Sarwar air ainm a chur air adhart. Dh'innis am Ball Pàrlamaid Albannach Ridseard Leonard an-dè gun seasadh esan às dèidh do Khezia Dugdale a dreuchd a leigeil dhith an t-seachdain a chaidh.

Brexit

Tha dùbhlan ro Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-seachdainn-seo, 's buill-phàrlamaid a' dol a dheasbad bile Bhrexit.

Tha àrd-Thòraidhean an dèidh iarraidh air buill a' phàrtaidh an taic a chur ris a' bhile.

Iasgach

Thèid cuireadh a thoirt dha Rùnaire Stàit na h-Àrainneachd, Mìcheal Gove, a dhol dha na h-Eileanan a chluinntinn mu na cothroman a dh'fhaodadh a bhith ann dhan iasgach le Brexit. Tha mì-chinnt ann dè bhios fainear dhan ghnìomhachas, ged a tha iasgairean glè dhòchasach gum faigh iad buannachd bho bhith a' fàgail an EU.

Sepsis

Tha Riaghaltas na h-Alba air iarrtas airson iomairt nàiseanta gus aire dhaoine a tharraing gu sepsis a dhiùltadh. Tha Sepsis a' marbhadh timcheall air trì mìle gu leth duine an Alba gach bliadhna.

Thuirt luchd-iomairt gu bheil e àraid gun dhiùlt an riaghaltas iomairt a chur air dòigh.

Rathaidean singilte

Tha Ball Pàrlamaid Albannach Gàidhealach a' cur iomairt sàbhailteachd ùr air bhog an-diugh co-cheangailte ri rathaidean aon-fhillte. Tha barrachd dhen na rathaidhean sin air a' Ghàidhealtachd na àite sam bith eile an Alba agus tha an Làbarach Dàibhidh Stiùbhairt an dòchas gum bi leabharan ùr na chuideachadh do dhaoine nach eil eòlach orra.