Taic ga thoirt do sheann eaglais Sgitheanach

Thug Maoin Dualchais a' Chrannchair Nàiseanta £25,400 seachad airson measadh a dhèanamh air Eaglais na h-Alba ann an Stafainn a th' air a bhith dùinte fad bliadhna.

Chaidh Eaglais Cille Mhoire agus Steinnseil, a tha faisg air 200 bliadhna de dh'aois, a dhùnadh nuair a chaidh mothachadh gu robh mullach an togalaich ann an droch stait agus gum faodadh e a bhith cunnartach.

Thèid ailtire fhastadh airson sgrùdadh a dhèanamh air mullach na h-eaglaise agus dh'fhaodadh an obair-càraidh toiseachadh meadhan na h-ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile