Iarrtas ùr mu bhochdainn connaidh

Tha na ceithir pàrtaidhean dùbhlanach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh a dhèanamh airson dèiligeadh ri bochdainn connaidh.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir targaid ùr a chur an lùib Bile nan Taighean Blath airson cur às dhan trioblaid ann an Alba - seach nach deach an targaid sin a ruighinn an-uiridh.

Thathar a' tomhais gu bheil mu 30% de dhachannan ann an Alba a' strì ri cosgaisean gas agus dealain.

Tha na h-Eileanan Siar a-measg nan àitean ann an Alba as miosa a tha a' fulaing le tòrr seann taighean a tha daor an teasachadh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bu £0.5bn ri fhaotainn thairis air an ath-cheithir bliadhna airson dèiligeadh ri bochdainn connaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile