Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain air bàsachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Luaidh ga dhèanamh air a' chraoladair is leasaiche cànain Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

Chaochail Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, a bha ainmeil mar chraoladair is leasaiche cànain an Alba, ged a chuir e bliadhnaichean mòra de a bheatha seachad an Canada.

Chaochail e ann an Ceap Breatainn madainn Diardaoin aig 79 bliadhna a dh'aois.

Às dèidh bliadhnaichean a thoirt an Canada, thìll e a dh'Alba na Iar-stiùiriche air Comataidh Craolaidh Gàidhlig.

As dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth thìll e a Cheap Breatainn.

B' e "Steall à Iomadh Lòn" an tiotal a thug Seonaidh Ailig air an leabhar a thug e a-mach air eachdraidh a bheatha ag obair ann an dà dhùthaich, ann an iomadh dreuchd, ann an dà chànan.

Canada

Chuir a'mhòr-chuid de Ghàidheil anns na ginealaichean a b'òige na e, eòlas air nuair a thìll e dhachaigh an dèidh bliadhnaichean mòra an Canada gu bhith na Iar-stiùiriche air Comataidh Craolaidh Gàidhlig.

Cha b'e duine ceangailte ri aon dùthaich a bh'ann, ach duine le chridhe anns na dhà - Alba agus Canada.

Ged a chuir e 25 bliadhna seachad ag obair aig àrd ìre ann am PR aig buidhean niuclasach Chanada bha e fhathast na bu Ghàidhealaiche na iomadh duine a dh'fhuirich aig an taigh.

Chuir e na ciad bhliadhnaichean de a bheatha seachad anns na Hearadh le mhàthair a bha à Scalpaigh is athair à Uibhist a Tuath.

Nuair a bha e na bhalach beag, ghluais an teaghlach a dh' Uibhist - gu baile beag Ghollair, faisg air Hogha Gearraidh.

Às dèidh foghlam an Sgoil Thaigh a Gheàrraidh, Sgoil Cheann a' Bhàigh, agus Sgoil Phort Rìgh, lean e anns an fhòghlam an Oilthigh Dhùn Eideann agus an Colaiste Chnoc Iòrdain.

Teagasg

Thill e an uairsin dhachaigh na thidsear Gàidhlig a Sgoil Cheann a' Bhàigh 's chur e seachd 5 bliadhna an sin.

Ach 's iomadh rud eile a rinn e anns na bliadhnaichean sin. Bha e na chomhairliche, air Comhairle Sgìreil Uibhist a Tuath.

Image caption Chuir Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain 8 bliadhna seachad an Glaschu ag obair air prògraman radio agus telebhisean.

Aig aois trì bliadhna fichead, choisinn e Crùn na Bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1961.

Bha an dàn aige "An t-Slaraidh" a' coimhead air staid na Gàidhlig a bha cho dlùth air a chridhe.

Thug na bliadhnaichean sin air ais an Uibhist cothrom dhà air bogadh ann an dualchas 's ann an litreachas nan Gàidheal a lean ris fad a bheatha.

B'è a chruinnich mòran dhen bhàrdachd aig a' bhàrd ainmeil Uibhisteach Dòmhnall Ruadh Chorùna.

Craoladh

Bha Fred MacAmhlaigh, Uibhisteach eile, os cionn Roinn na Gàidhlig anns a' BhBC agus ann an 1964, chaidh Seònaidh Ailig a dh'obair an sin còmhla ris.

Chuir e 8 bliadhna seachad an Glaschu ag obair air prògraman radio agus telebhisean.

Anns a' bhliadhna 1972 , chuir Seònaidh Ailig roimhe steall a thoirt à lòn eile - lòn taobh thall an Lòin Mhòir - ann an Canada.

Às deidh a dhol air turas a dh'eilean Cheap Breatainn a dheanamh prògraman, fhuair e tairgse air obair an sin.

Chaidh e ann, os cionn obair conaltraidh - PR - aig ionad niuclasach a bha Ughdarras Atomach Chanada a' stèidheachadh air an eilean.

Connspaideach

Thug e bliadhnaichean an sin, ann an dreuchd a bha gu math doirbh is connspaideach.

Ach math 's ga robh Ceap Breatainn a' còrdadh ris, chaidh a ghluasad gu obraichean eile ann an leithid Toronto agus Ottowa - an-sàs ann an obair PR agus margaidheachd dhan ùghdarras atomach - obraichean a thug tric air feadh an t-saoghail e.

Mu dheireadh chaidh fìor àrd dhreuchd a thabhainn air, os cionn PR dhan ughdarras gu lèir.

Ach mun àm sin bha cùisean ag atharrachadh 's bha e a' faireachdainn gun robh nas lugha 's nas lugha dhen fhìrinn ann an obair PR, 's cha robh e comhfhurtail na dhotair grèisidh.

Deireadh nan naoidheadan thìll Seonaidh Ailig agus a bhean Eilidh, a bhuinneas do Cheap Bhreatainn, a dh'Alba.

Chaidh e na Iar-stiùiriche air Comataidh Craolaidh Gàidhlig ann an Steòrnabhagh agus rinn e a dhachaigh ann an Rèinigeadal 'sna Hearadh.

A bharrachd air an CCG, bha e an-sàs ann am iomadh rud eile cuideachd anns na h-ochd bliadhna a thug e air ais an Alba.

Cor na Gàidhlig

Chaidh e an luib Comhairle nan Leabhraichean s' bha e na bhall de bhòrd-stiùiridh Chaledonian Mhic a' Bhruthainn.

Bha e na chathraiche air Buidhean Mhic a' Phearsain a steidhich an Riaghaltas airson sùil a thoirt air coir na Gàidhlig.

Thàinig 'Àthaisg Mhic a' Phearsain', agus an uairsin 'Athaisg Dhòmhnall Meek' agus, air a'cheann thall, Achd na Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig.

Bidh ainm mar sin a chaoidh ann an eachdraidh leasachaidh a' chànain.

Ach bha e fhèin agus Eilidh fhathast le ceangalaichean làidir thall ann an Ceap Breatain, 's chuir iad romhpa tilleadh, far an do chuir e seachad bliadhnaichean sona air chluainidh.

Tha aon seanteans à leabhar Sheonaidh Ailig fhèin ga chuir an cèill.

Sgrìobh e: "Ged a thadhail mi fhèin air caochladh dhùthchannan, 's ann eadar na h-Eileanan Siar agus Ceap Breatann a tha long mo bhruadair a' seòladh."

Gu dearbha dh'fhàg an long sin cuimhneachain bhlàth anns gach port anns na stad i.