Factaraidh ùr san amharc ann an Sgalpaigh

Tha factaraidh ùr san amharc ann an Scalpaigh na Hearadh air an làraich far an deach tè a losgadh gu dona na bu thràithe air a' bhliadhna.
'S e a' chompanaidh Net Services Scotland a tha ga cur air adhart agus iad a' cur feum air goireas ùr dhan luchd-obrach.
Cosgaidh an togalach ùr mu £1m.
Chaidh an togalach, a bh' air a chleachdadh leis a' chompanaidh airson lìn thuathanasan bhradan a ghlanadh, a mhilleadh gu dona aig deireadh a' Ghiblein.
Bha sgiobaidhean còig carbadan-smàlaidh a' strì ris an teine.
Chaidh an togalach a sgrios agus chaidh a leagail gu làr.
Bha an togalach cuideachd air a chleachdadh airson innealan-cìuil fèis ionadail a stòradh.
Chaidh iad sin a mhilleadh cuideachd.
Aig aon àm bha dragh ann nach deadh an fhèis air adhart san Iuchar.
Ach, an dèidh iomairt, fhuair an fhèis airgead gu leòr, agus innealan-ciùil mar thabhartasan, airson an tachartas a chur air adhart.
Factaraidh ùr
Thuirt manaidsear Net Services Scotland ann an Sgalpaigh, Iain MacLeòid, gun robh iad an dòchas an togalach ùr a chur air làrach na seann fhactaraidh.
"Dh'innis na h-ailtirean dhuinn gum faodadh gun cosg an togalach ùr mu mhillean Not, ach tha sinn an dòchas nach cosg e uimhir ri sin," thuirt e.
Fo na planaichean a th'aca dh'fhaodadh an obair aca dùblachadh.
Tha an t-iarrtas airson cead-dealbhachaidh air a dhol a-steach agus tha a' chompanaidh an dòchas fios fhaighinn mu dheidhinn sin taobh a-staigh ochd seachdainnean.
Ma shoirbhicheas leotha tha iad an dòchas gun tòisich an obair-togail ro dheireadh na bliadhna agus gum bi i deiseil as t-Earrach an ath-bhliadhna.
Leis gu bheil an togalach ga dhealbhachadh airson obair na companaidh cha bhi goireas neo stòr coimhearsnachd ann tuilleadh.