Luaidh air Tormod MacGill-Eain

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Luaidh ga dhèanamh air a' chleasaiche 's an t-seinneadair Tormod MacGill-Eain

Chaochail an cleasaiche ainmeil Tormod MacGill-Eain, a bha cuideachd na sheinneadair cliùiteach Gàidhlig, na shàr-phìobaire agus na sgrìobhadair.

Bha e 80 bliadhna a dh'aois nuair a chaochail e feasgar Diardaoin.

Eadar na 1970an agus na 1990an bha fèill mhòr air mar chleasaiche aig cuirmean air feadh na dùthcha, nuair a bha e a' filleadh fealla-dhà, seinn agus ceòl còmhla ann an dòigh a ràinig sluagh farsaing.

Bhiodh e ag obair anns an dà chànan - Gàidhlig agus Beurla - agus glè thric a' snìomh na dhà còmhla na chuid cleasachd, agus thug e a-mach grunn chlàran de chomadaidh agus seinn.

Rinn e ainm dha fhèin air an telebhisean anns na 1970an leis a' phrògram Tormod air Telly - a' chiad phrògram comadaidh Ghàidhlig, anns an robh e a' sgrìobhadh 's ag actadh ann an sgeidsichean èibhinn, a bharrachd air a bhith a' seinn agus ag innse sgeulachdan.

Bha fèill mhòr air a' phrògram agus tha e air aithris nach b' aon uair a chaidh banais a stad ach am faiceadh na bha an làthair Tormod air an telebhisean.

Image caption Rinn e ainm dha fhèin air an telebhisean anns na 1970an leis a' phrògram Tormod air Telly - a' chiad phrògram comadaidh Ghàidhlig.

Choisinn e Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich agus Crùn na Bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Glaschu ann an 1967 - an aon duine a-riamh a fhuair an dà dhuais anns an aon bhliadhna.

Rugadh Tormod MacGill-Eain do theaghlach eileanach ann an Glaschu goirid ron Dàrna Cogadh, ach chaidh a thogail còmhla ri càirdean air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, an toiseach anns an t-Srathan, aig Ceann Loch Airceig ann an Loch Abar, far an robh bràthair a sheanmhar na chìobair, agus an uairsin ann an Uibhist.

Bha e a-riamh taingeil gun d' fhuair e àrach ann an coimhearsnachdan Gàidhealach agus leis a' Ghàidhlig.

Às dèidh foghlaim oilthigh, chaidh e a theagasg - ann an Glaschu agus anns an Òban - ach bha e cuideachd a' dol air feadh na dùthcha mar sheinneadair 's fear-ciùil pàirt-ùine.

Beag air bheag chuir e comadaidh ris a repertoire, agus mu dheireadh leig e seachad an teagasg 's chaidh e ri seinn is cleasachd làn-ùine.

Tha mòran den bheachd gum biodh e air ainm mòr a dheanamh dha fhèin gu h-eadar-nàiseanta mura bitheadh a' bhuaidh a thug deoch-làidir air a' bheatha, rud a chum e tric gun nochdadh aig cuirmean is eile far an robh còir aige a bhith.

Ann an leabhar eachdraidh a bheatha, The Leper's Bell, tha e fhèin gu math fosgailte mun bhuaidh a thug sin air.

Ann am prògram telebhisein a rinneadh mu dheidhinn dha BBC ALBA (Tormod, 2009), mhìnich e:-

"Bha mar gum biodh dorchadas a' tighinn orm. Gun teagamh sam bith tha pìosan den eachdraidh tha seo gu math dorcha. Tha mi a' bruidhinn air galar na dibhe....Tha sin air a bhith nam bheatha o bha mi ochd bliadhn' deug de dh'aois."

Image caption Chuir Tormod na bliadhnaichean mu dheireadh de a bheatha seachad ann an Uibhist.

Ach bidh cuimhne gu h-àraid air an iomadh tàlant a bh' aige, agus an toileachas a thug e do dhaoine fad iomadh bliadhna.

A bharrachd air leabhar eachdraidh a bheatha, sgrìobh e cuideachd bàrdachd agus grunn nobhailean Gàidhlig air an deach moladh a dhèanamh.

Thuirt Donaidh MacLeòid a bhiodh a' nochdadh còmhla ris air Tormod air Telly anns na '70an:

"Bha rudeigin aige ri ràdh ris a h-uile duine, chan e a-mhàin na Gàidheil. Bha e cho math sin. Bha e cho tàlantach leis a h-uile càil."

A rèir cleasaiche eile, Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn, bha sgil agus doimhneachd air cùl comadaidh Thormoid:

" Bha e a' coimhead ri comadaidh anns an aon dòigh 's a bha e a' coimhead ri sgrìobhadh pìos ciùil. Bha e a' toirt an aon chùraim dha. Bhiodh e ag ràdh nach robh comadaidh cho ao-coltach sin ri matamataics. Chan urrainn do leithid Thormoid a bith ann tuilleadh."

Chuir Tormod MacGill-Eain na bliadhnaichean mu dheireadh de a bheatha seachad ann an Uibhist, far an d' fhuair e tomhais mhath fois am measg coimhearsnachd a bha fìor mheasail air.