Sgudal a' dèanamh tàire air an NC500

Rodrigo Salvatierra Arraño Image copyright Ewen Weatherspoon
Image caption Rodrigo Salvatierra Arraño aig Caisteal Inbhir Nis.

Tha Rodrigo Salvatierra Arraño eòlach gu leòr air rathaidean na Roinn Eòrpa.

'S ann à Chile a tha Rodrigo agus tha e air na trì mìosan mu dheireadh a chur seachad air a bhaidhsagail is e air turas Eòrpach.

Chòrd a' Ghàidhealtachd ris gu mòr is e a' cumail a-mach gun robh na seallaidhean a' cur na chuimhne Patagonia.

Ach bha aon rud nach do chòrd ris air an NC500.

"Tha a' Ghàidhealtachd àlainn - ach tha e tàmaiteach gu bheil sgudal a' dèanamh milleadh ann an cuid de dh'àitichean", thuirt Rodrigo Salvatierra Arraño.

"Fhad 's a bha mi air mo rothair thug mi an aire do bhotail ri taobh an rathaid.

"Thòisich mi a' togail an sgudail, ach às dèidh 5km a dhèanamh bha mo bhagaichean loma-làn.

Image copyright Ewen Weatherspoon
Image caption Cha tug e fada dha Rodrigo na bagaichean aige a lìonadh le sgudal air an NC500.

"Chunnaic mi cuideachd gu bheil daoine a' fàgail sgudal ri taobh bhinichean nuair a bha iad làn.

"'S e call mòr a th' ann mura a h-eil duine a' sealltainn urraim dhan sgìre, is cho bòidheach 's a tha i", thuirt e.

Choinnich an Comh. Trish Robasdan, Leas-Chathraiche Comataidh an t-Sluaigh, ri Rodrigo aig Caisteal Inbhir Nis an t-seachdain seo.

Thug i taing dha airson an sgudal a chruinneachadh is dh'iarr i air daoine gun a bhith a' tilgeil an trealaich ri taobh an rathaid.

Thuirt an Comh. Robasdan cuideachd gum beachdaich Comhairle na Gàidhealtachd air barrachd bhinichean a bhith aca, is cho tric 's a tha iad a' cruinneachadh sgudail ann an sgìrean iomallach.

Tha Rodrigo a' dèanamh a-nise air an Eilean Sgitheanach, is e an dùil cuideachd tadhal air Èirinn is an Ostair.

Ghuidh a' Chomhairle gach soirbheachas dha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile