Fear san ospadal an dèidh tuile

Càr a' dràibheadh tro uisge Image copyright The Wig
Image caption Thug uisge trom buaidh air feadh mòran de dh'Alba tron oidhche.

B' fheudar cobhair a dhèanamh air fireannach ann am Barraigh an dèidh dhan taigh aige a bhith fo thuil tron oidhche.

Bha an t-seirbheis-smàlaidh, carbad-eiridinn agus sgioba a' bhàta-theasairginn uile an sàs san iomairt mu uair sa mhadainn ann am Bàgh a' Chaisteil.

Bha uisge fìor throm sna h-Eileanan, agus air feadh mòran de dh'Alba, ann an uairean beaga na maidne.

Thugar an duine dhan ospadal.

Tha na Poilis sna h-Eileanan Siar ag iarraidh air dràibhearan a bhith gu sònraichte faiceallach air na rathaidean Diciadain, agus uisge na laighe air cuid de rathaidean an dèidh an dòrtaidh air an oidhche.

Anns an Eilean Sgitheanach b' fheudar cobhair a dhèanamh air teaghlach a bh' ann am bhana-campachaidh an dèidh do dh'abhainn cur thairis.

Bha an dithis inbheach agus dithis duine-cloinne air a bhith a' fuireach ri taobh na h-aibhne ann an Gleann Dail, an iar-thuath an eilein. Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 05:30m.

Thugadh gu sàbhailteachd iad, agus cha robh cobhair meidigeach a dhìth air duine aca.