Aiseag a' Chorrain fon phrosbaig a-rithist
- Air fhoillseachadh

Beachdaichidh comhairlichean air comataidh Loch Abair aig Comhairle na Gàidhealtachd air seirbheis aiseig a' Chorrain madainn Dimàirt.
Thèid iarraidh air buill pròiseas a thòiseachadh gu h-oifigeil airson measadh a dhèanamh air na roghainnean a th' ann airson na slighe.
Am measg nan roghainnean sin, tha drochaid a thogail air an Linne Dhuibh, a bhith a' toirt na seirbheis do chompanaidh eile, no companaidh ùr a stèidheachadh leis a' Chomhairle airson an t-seirbheis a ruith.
Ged a chaidh moladh a chur air adhart cuideachd nach biodh seirbheis sam bith no drochaid ann, tha aithisg na Comhairle ag aithneachadh gur e seirbheis riatanach a tha seo dhan sgìre.
Bha mì-thoileachas na bu thràithe air an t-Samhradh nuair a bha an t-seirbheis na tàmh fad còig làithean às dèidh dhan bhàta briseadh agus bualadh ann an creagan.
Cha deach bàta eile fhaighinn fhad 's a bhathas ga càradh.
Chosg an suidheachadh £39,000 do Chomhairle na Gàidhealtachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An t-Iuchar 2017