Cead do bhaile ùr ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

An Camas Mor (picture courtesy of Cairngorms National Park Authority) Image copyright Other
Image caption Chaidh cead dealbhachaidh ann an prionnsabal a thoirt seachad ann an 2014

Chaidh cead a thoirt seachad Dihaoine do bhaile ùr taobh a-staigh Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Fon phlana dheadh 1500 taigh ùr a thogail air Oighreachd Rata Mhurchais faisg air an Aghaidh Mhòir.

Ach dh'iarr an luchd-leasachaidh gun rachadh cùmhant a bha an cois a' chead-dhealbhachaidh a sguabadh às - sin casg air barrachd air 600 ceud a thogail gun sgrùdadh a dhèanamh air buaidh air an àrraineachd.

Aig coinneimh Dihaoine, thug Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh cead seachad sin a dhèanamh.

Chuir iad cùmhnant ùr air an luchd-leasachaidh, ge-tà, gum feum iad drochaid ùr do luchd-coiseachd is luchd-baidhseagail a thogail tràth anns an leasachadh.

Thuirt an t-ùghdarras cuideachd gum feum a' chompanaidh barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mus tèid an leasachadh air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile