Mì-thoileachas mu ATM sna Hearadh
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir an Tairbeart a' gearain nach eil an t-inneal-airgid ag obair 's coltas ann gun deach a dhùnadh.
'S ann le Banca na h-Alba a bha an ATM, ach chuir iad sanas air an t-seachdain seo chaidh ag innse gun deadh a ghabhail thairis le buidhinn eile bhon 14mh là den Lùnastal.
'S e an aon inneal-airgid air an Tairbeart agus tha dragh ann mun bhuaidh a bheir seo an dà chuid air muinntir an àite agus air luchd-turais.
'S ann ann an Steòrnabhagh a tha an t-inneal-airgid as fhaisge far am faighear airgead là 's a dh'oidhche.
Thuirt Banca na h-Alba gu bheil iad a' rannsachadh na cùise, 's gun tigeadh brath bhuapa Diardaoin.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh