'Làn-chonaltradh' mu sgoil Ghàidhlig ùr

Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' gealltainn nach tèid co-dhùnadh air làrach airson sgoil ùr Ghàidhlig ann an Inbhir Nis gus an tèid beachd phàrantan agus na coimhearsnachd a shireadh.

Tha dùil aca an Sgoil Ghàidhlig a th' ann an-dràsta a thionndadh na tè Bheurla, agus tè Ghàidhlig nas motha a thogail air làraich eile.

An t-seachdainn seo, beachdaichidh comhairlichean air mar a gheibh iad thairis air trioblaid mhòir le sgoiltean Inbhir Nis a tha làn 's am baile a' sìor fhàs.

Tha coltas ann gun iarr iad air companaidhean togail thaighean tòrr a bharrachd a phàigheadh mu choinneimh sgoiltean ùra.

'S e aon sgìre anns a bheil tè a dhìth, sgìre an t-Slaig Bhuidhe air ceann a deas a' bhaile, far nach eil an-dràsta ach an Sgoil Ghàidhlig.

Làn-chonaltradh

Tha uiread de thaighean ùra air a dhol an-àirde an sin 's gu bheil sgoil ùr Bheurla a dhìth.

Tha beachd gur e an Sgoil Ghàidhlig a thionndadh gu tè Bheurla am freagairt.

Agus tè ùr Ghàidhlig nas motha a thogail air làraich eile, agus an tè a th' ann ro bheag.

Tha beachd ann gur dòcha gun rachadh a cur air campas Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, far a bheil foghlam àrd-sgoile sa Ghàidhlig.

Ach gheall ceannardan na Comhairle gum bi làn-chonaltradh ann mus tachair sian.