Àrdachadh eucoir an sgìrean dùthchail

Tha draghan gan togail mu àrdachadh ann an eucoir a tha toirt buaidh air sgìrean dùthchail na h-Alba.

Tha NFU Mutual, a tha a toirt àrachas do thuathanaich, ag ràdh gu bheil an cuid rannsachaidh a' sealltainn gun tàinig àrdachadh mòr ann an eucoir dùthchail anns a' chiad sia mìosan den bhliadhna.

Ann an 2016, thàinig lùghdachadh air ìrean eucoir ann an sgìrean dùthchail, sìos 32% ann an Alba.

Ach chaill tuathanaich agus croitearan £1.6m air a shàilleabh.