Dàil air fosgladh Bun-sgoil a' Challtainn

Air fhoillseachadh

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd nach fhosgail Bun-sgoil a' Challtainn ann an Inbhir Nis gu Diciadain an 16mh là den Lùnastal às dèidh mar a chaidh obair-leasachaidh a dhèanamh oirre as t-Samhradh.

Bha dùil gum biodh obair air na seòmraichean-teagaisg deiseil airson toiseach an teirm ùir Dimàirt.

Thèid aonadan eadar-amail a chur air dòigh a-nis.

Dh'iarr a' Chomhairle air sgoilearan agus pàrantan an leisgeul a ghabhail airson a' mhaill.

Tillidh luchd-teagaisg na sgoile a dh'obair Diluain airson cùisean a chur air dòigh dhan na sgoilearan.

Tha dùil gum bi am pròiseact air fad, a chosgas £4m, deiseil ro dheireadh na bliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh