Bliadhna bhon a thàinig clàr-ola air tìr air taobh siar Leòdhais

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an Transocean Winner air na creagan aig Dail Mòr air taobh siar Leòdhais.

Tha bliadhna ann Dimàirt bhon a chaidh an clàr-ola an Transocean Winner air na creagan air taobh siar Leòdhais.

Ged nach do rinn an tubaist call air an àrainneachd, rud a bha na chùis iomagain aig toiseach a' ghnothaich, ghlac cùis an Transocean Winner aire dhaoine bho fad is farsaing.

Thug e còrr is dà mhìos mus do chuir e cùl ris an eilean aig a' cheann thall.

Tha dùil ri aithisg a dh'aithghear bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara airson faighinn a-mach dè dìreach a thachair.

Tùs an deilbh, Mark Macleod
Fo-thiotal an deilbh,
Thàinig an Transocean Winner air tìr tràth Madainn Diluain.

Bha am bàta-slaodaidh an Alp Forward a' slaodadh a' chlàir-ola, an Transocean Winner, à Nirribhidh gu ruige Malta agus an uairsin dhan Tuirc 'son a bhriseadh às a chèile.

Bhuail droch shìde, ris an robh duil, air a' bhàta agus a' chlàr Didòmhnaich an 7mh là den Lùnastal.

Fo-thiotal a’ bhidio,
Bliadhna bhon a thàinig clàr-ola air tìr

Chuir an criubha fios do na maoir-chladaich gun robh iad feumach air cuideachadh agus chuireadh bàta-slaodaidh à Arcaibh air an t-slighe do na h-Eileanan an Iar.

Aig 4:15m. bhris an loidhne eadar an clàr-ola, anns an robh 17,000 tonna de chuideam, agus an Alp Forward.

Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh sgioba de eòlaichean saoraidh a thoirt air bòrt gu sgiobalta às dèidh na tubaist.

Mu 07:30m Diluain, chaidh an Transocean Winner air na ceagan aig Dail Mòr agus gu fortanach cha robh duine air bòrd.

Bha 280 tonna de chonnadh air a' chlàir agus chaidh casg a chur an sàs timcheall air an làraich ach cha d'rinn an tubaist call air an àrainneachd.

Thàinig sgioba saoraidh bho air feadh an t-saoghail airson an clàr a thogail far nan creagan.

Tùs an deilbh, Angus Macdonald
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an tràigh a dhùnadh air adhbharan sàbhailteachd.

Agus 's e Riochdaire Rùnaire na Stàite son Saoradh Mara, Ùisdean Seathach, a bha os cionn na h-iomairt air fad.

Thuirt esan aig an àm gun robh an iomairt a' gluasad gu sgiobalta, ach gum faodadh an obair ùine mhòr a thoirt.

Thug e trì seachdainean mus deach an clàr-ola a thoirt far na creagan agus a chur air bhog - gu ìre, a-rithist.

Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an clàr a shlaodadh gu socair gu acarsaid anns an Loch a Tuath.

Chaidh an clàr a shlaodadh gu socair gu acarsaid anns an Loch a Tuath.

Dh'fhàs daoine eòlach oirre an sin, 's solais a' chlàir a' dearrsadh fad na h-oidhche.

Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an Transocean Winner a thogail a-mach às a' mhuir leis a' bhàta-togail an Hawk.

Agus chan eil teagamh gun do chuir an iomairt shaoraidh gu mòr ri eaconamaidh an eilein.

Thàinig bàta togail, an Hawk, chun na sgìre agus mean air mhean, chaidh an Transocean Winner a thogail a-mach às a' mhuir.

Air an 14mh là den Damhair, dh'fhàg an clàr-ola soraidh slàn air Eilean Leòdhais.

Tùs an deilbh, Foster Evans
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an dealbh seo le Foster Evans a' sealltainn cò ris a bhios an tràigh coltach mar as àbhaist.

Agus a bharrachd air an airgead a thug i a-steach dhan eilean agus an ionndrainn a bhios oirre mu chladaichean an Loch a Tuath, chan eil coltas ann an diugh gun robh i idir ann.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh