Seòladairean a tha ag obair do Riaghaltas na h-Alba a' dol air stailc

MPV Minna
Image caption Tha an t-aonadh a' sireadh co-ionnanachd pàighidh le luchd-obrach ChalMac.

Tha seòladairean a tha ag obair do Riaghaltas na h-Alba a' dol air stailc airson naoi làithean nas fhaide den mhìos.

Tha na seòladairean, a tha nan criutha air soithichean dìon an iasgaich agus soithichean rannsachaidh mhara, ag iarraidh pàigheadh co-ionnan ri luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, a tha cuideachd fo smachd an Riaghaltais.

Thèid iad a-mach air stailc air an 10mh, an 11mh, an 13mh, an 14mh, an 15mh, an 16mh, an 17mh, an 18mh, an 25mh agus an 26mh là den Lùnastal.

Thuirt an t-aonadh Unite, a tha gan riochdachadh, gu bheil iad duilich gu bheil cùisean air an ìre seo a ruighinn, ach gu bheil na buill aca a' dèanamh obair dhuilich, chunnartaich a dhèanamh cinnteach gu bheil làraichean iasgaich na h-Alba air an dìon.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil còmhraidhean a leantainn ann an oidhirp stailc a sheachnadh agus nach biodh e iomchaidh dhaibh càil a bharrachd a ràdh aig an ìre seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile