Dàil eile am binn an cùis mhuirt Inbhir Nis

Elizabeth Mackay Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Micheal Mac an Tàilleir fhaiginn ciontach air a' mhìos seo chaidh fo chasaid gun do mhuirt e Ealasaid NicAoidh an-uiridh.

Chaidh dàil uair eile anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, ann am binn air fear a mhuirt boireannach na dachaigh ann an Inbhir Nis.

Chaidh Micheal Mac an Tàilleir fhaiginn ciontach air a' mhìos seo chaidh fo chasaid gun do mhuirt e Ealasaid NicAoidh an-uiridh.

Bha Mac an Tàilleir air a shaoradh air trì òrduighean urrais le Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis aig àm a rinn e am murt.

Chaidh innse dhan chùirt Dihaoine gun robh Mac an Tàilleir tinn, agus tillidh a' chùis dhan chùirt ro dheireadh na mìos.