Dìth thaighean-beaga na thrioblaid san Eilean Sgitheanach

portree Image copyright Getty Images

Tha dragh air nochdadh san Eilean Sgitheanach mun dhroch bhuaidh a tha gainnead thaighean-beaga a' dèanamh air an sgìre.

Tha mì-thoileachas air a bhith ann bho dhùin Comhairle na Gàidhealtachd grunn ghoireasan thar nam bliadhnaichean, ann an oidhirp airgead a shàbhaladh.

Tha cuid ag ràdh, ge-tà, leis gu bheil an àireamh luchd-turais a' sìor èirigh, gu bheil sin a' fàgail daoine ann an èiginn chun na h-ìre agus gu bheil feadhainn a' crùbadh air cùl charbadan is air cliathaich thogalaichean leis nach eil àite eile ann dhaibh.

Obair-càraidh

A rèir Sheumais Dhòmhnallaich, a tha fuireach ann an Ùige, tha an trioblaid seo a' fàs nas bitheanta.

Thuirt e nach e coire an luchd-turais a th' ann agus e a' tuigsinn nan duiligheadasan a th' aca nuair a tha iad feumach air an taigh-bheag ann an cabhag.

Tha na taighean-beaga ann an Ùige air a bhith dùinte bho thoiseach na bliadhna seo, agus dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil feum aca air càradh.

Thuirt iad gu bheil iad air prìs fhaighinn airson na h-obrach, ach nach eil fhios aca cuin a bhios na goireasan a' fosgladh a-rithist.

Tha trioblaidean ann am Port Rìgh cuideachd le dìth-ghoireasan shìos aig a' phort fhèin, a tha a' fàs nas trainge gach bliadhna - eadar iachtaichean is soithichean mòra.

Thuirt Myra NicLeòid, bho Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh agus na Bràighe gun do rinn iad sgrùdadh air na bha ri cleachdadh nan taighean-beaga air Là nan Geamaichean an-uiridh agus bha faisg air 3,000 air an aon là.

Tha uallach oirre gu bheil àitean leithid An Stòrr agus Glumagan nan Sìthichean cuideachd a' fulang le mòran luchd-turais airson tadhal air na h-àitean seo.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil seachd taighean-beaga aca san Eilean Sgitheanach, agus trì 'sgeamaichean cofhurtachd'.