Obraichean air fàire ann an cùram chloinne

Childcare Image copyright Getty Images

Dh'fhaodadh gun tèid eadar 300 agus 400 cosnadh a chruthachadh air a' Ghàidhealtachd agus leudachadh ga dhèanadh air cùram chloinne an asgaidh air feadh Alba.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gum bi clann eadar 3 agus 4 bliadhna de dh'aois a faighinn corr is 1,000 uair de thìde sa bhliadhna de chùram chloinne an asgaidh.

Bidh e an urra ri ùghdarrasan ionadail na dùthcha na h-amasan a thoirt gu buil, agus bidh £400m air a chur mu seach airson a' phròiseict.

Thèid an t-suim sin an uairsin a roinn eadar na h-ùghdarrasan ionadail a rèir nam feumalachdan aca.

Obraichean

Feumaidh Comhairlean a-nis planaichean a sgrìobhadh, a' mìneachadh mar a thèid aca air an cùram cloinne a thoirt seachad.

Thuirt stiùiriche foghlaim Chomhairle na Gàidhealtchd gu bheil e gu math doirbh sin a dhèanamh gun fhios le cinnt dè an t-suim airgid a gheibh iad.

Dh'innis Uilleam Alexander gum faodadh gun tèid suas ri 400 cosnadh a chruthachadh ri linn, agus gum feum a' Chomhairle dèanamh cinnteach gu bheil daoine ann agus air an trèanadh airson an obair sin a dhèanamh.