Manifesto UKIP ga fhoillseachadh

Paul Nuttall Image copyright PA

Foillsichidh ceannard UKIP, Paul Nuttall, manifesto taghaidh a' phàrtaidh aige Diardaoin agus iad a' tilleadh gu iomairt an taghaidh choitchinn.

'S ann Dihaoine a bhios na pàrtaidhean eile a' tilleadh gu na h-iomairtean nàiseanta aca san taghadh, ach bidh cuid dhiubh ag obair aig ìre ionadail Diardaoin.

Thèid am fois poileataigeach a th' air a bhith air iomairt an taghaidh bho bha spreadhadh Mhanchester ann na bu thràithe air an t-seachdain seo a thoirt gu crìch Diardaoin, le UKIP a' foillseachadh a' mhanifesto aca.

Tha ceannard UKIP, Paul Nuttall, a' cumail a-mach gum biodh dàil a bharrachd air a bhith a' tilleadh gu obair àbhaisteach a' ciallachadh gu bheil obair-cheannairc air buannachadh.

Tha e a' gealltainn manifesto radaigich agus thuirt e nach bi leisg air a' phàrtaidh aige trioblaidean nar coimhearsnachdan aithneachadh ann an dòigh nach eil na pàrtaidhean eile a' dèanamh.

Le UKIP a' dol air ais anns na cunntasan-bheachd agus a' call gu dona anns na taghaidhean ionadail bho chionn ghoirid, tha Mgr Nuttall ag ràdh gum bi teachdaireachd radaigeach agus eadar-dhealaichte aig UKIP dhan luchd-bhòtaidh.

Thathar an dùil gun tèid manifestothan an SNP, nan Lib-Deamach ann an Alba agus Pàrtaidh Uaine na h-Alba fhoillseachadh tràth air an-ath-sheachdain, às dèidh na thachair ann am Manchester dàil a chur orra a bhith gam foillseachadh.