NHS na Gàidhealtachd "air ais dhan àbhaist"

Rabhadh
Image caption Thug an ionnsaigh buaidh air 11 bòrd slàinte ann an Alba

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi na seirbheisean aca a' ruith mar a bu chòir an t-seachdain seo, às dèidh na h-ionnsaigh compiutaireachd Dihaoine a chaidh.

Thug an ionnsaigh buaidh air 11 bòrd slàinte ann an Alba, a thuilleadh air Seirbheis nan Carbadan Eiridinn.

Bha buaidh mhòr aice cuideachd air seirbheisean slàinte ann an Sasainn.

Ann an Alba, chaidh iarraidh air euslaintich a bha an dùil a dhol dhan ospadal neo dhan dotair Diluain a dhol ann mar a bha dùil.

Thuirt Priomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach deach fiosrachadh pearsanta a ghoid anns an ionnsaigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile