An deasbad a' teannachadh
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Published
Lean iomairt an dà thaghaidh Dimairt air thoiseach air an taghadh ionadail Diardaoin.
Chaidh am prìomh mhinistear às àidhcheadh gur e bhòt air an neo-eisimeileachd a bhios ann.
Ach ged a chàin iad an SNP airson a bhith beò-ghlacte ri deasbad na bun-reachd, is iad pàrtaidhean an Aonaidh, agus na Tòraidhean gu sònraichte, a bu toil leotha aire a chumail oirre.
Is e sin air sgàth - a rèir toraidh 2014 co-dhiù - gu bheil luchd-taic an Aonaidh nam mòr-chuid a-measg an luchd-bhòtaidh agus mar sin gum faigh na pàrtaidhean sin buannachd ma thèid aca air an toirt còmhla fon aon bhrataich.
B'fheàrr le Nicola Sturgeon an deasbad a leudachadh gu cuspairean eile agus an SNP a' sireadh taic bho dhaoine a tha teagmhach mun Rìoghachd Aonaichte fhàgail.
Aig a' cheann-thall is iad na daoine a chuireas romhpa ciamar a bhòtas iad - agus carson.