Dòchas mu Fhèis Eilean na Hearadh

Fidheall

Thuirt riochdairean bho Fhèis Eilean na Hearadh gu bheil iad fhathast dòchasach gun tèid fèis na bliadhna seo air adhart an ceann beagan mhìosan, a dh'aindeoin mar a chaidh milleadh a dhèanamh air ionnsramaidean-ciùil is eile san teine a thug buaidh air factaraidh ann an Scalpaigh Dihaoine.

Bha muinntir na fèise am measg grunn bhuidhnean anns an sgìre a bha a' cumail stuthan san togalach.

Tha iad air grunn thabhartasan fhaighinn agus tha iomairt air-loidhne air còrr air £2,000 a thrusadh gu ruige seo.

Tha Fèis Eilean na Hearadh air a bhith a' dol airson 25 bliadhna, leis na h-àireamhan cloinne ag èirigh gach bliadhna.

Tha an fhèis ga ruith gu saor-thoileach le pàrantan às an sgìre, a' toirt chothroman don chloinn a dhol an sàs ann an ceòl, Gàidhlig, dràma agus seinn.

Teine

Chaidh mòran stuthan a chall ann an teine na seachdain seo chaidh, ionnsramaidean-ciùil, stuthan ealain agus Clò Hearach nam measg. Nochd draghan gum biodh buaidh aig seo air fèis na bliadhna seo, mura faighear air airgead agus ionnsramaidean a chruinneachadh ann an àm.

Ach, le dìreach ochd seachdainean ri dhol, tha Rhona Chaimbeul bhon chomataidh-stiùiridh dòchasach nach toir an suidheachadh cus buaidh orra idir.

"Tha tòrr taic air a bhith againn agus tha gu leòr air a ràdh gum faodamaid rudan a th' acasan fhaighinn. Tha e dìreach mìorbhaileach mar a tha daoine cho coibhneil.

"Tha sinn dòchasach gum faigh sinn dìreach na dh'fheumamaid an-dràsta. Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith uabhasach taiceil cuideachd agus tha sinn an dòchas, eadar sin agus na rudan a gheibh sinn, gum bi cùisean glè mhath agus gun tèid e air adhart mar is còir agus mar as àbhaist," thuirt i.

25 Bliadhna

Am-bliadhna, gus 25 bliadhna den fhèis a comharrachadh, thèid cèilidh mhòr a chumail Oidhche Dhiardaoin, le ceòl bhon luchd-teagaisg a bhios an sàs tron t-seachdain.

Mar às àbhaist, bidh consairt na cloinne ann Oidhche Haoine, le tuilleadh phlanaichean fhathast rin aontachadh.

Tòisichidh Fèis Eilean na Hearadh Diluain 3mh an t-Iuchar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo