"Tha cothrom ann fhathast" - Foran

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, SNS
fo-thiotal an deilbhRinn Liam Boyce sgrios air Caley Thistle ann an Inbhir Pheofharain.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Richie Foran, gu bheil cothrom aca fhathast fuireach sa Phrìomh Lìog - ma 's e is gum buannaich iad na 4 geamaichean mu dheireadh aca.

Bha Foran a' bruidhinn às dèidh dha Inbhir Nis call 4-0 ri Ross County ann an Inbhir Pheofharain.

Dh'fhàs cùisean fiù 's na bu mhiosa dha Inbhir Nis Disathairne is Dùn Dè a' soirbheachadh 3-2 ann an Tobar na Màthar.

Tha sin a' fàgail ICT 7 puingean air deireadh aig bonn na lìge.

Chaidh dithis de ghaisgich Inbhir Nis, Teàrlach Christie is Barry Wilson, an sàs cuideachd le slaicean air mar a tha an cluba ga ruith.

Dòchas

Thuirt am manaidsear, ge-tà, gu bheil an sgioba fhathast le cothrom fuireach sa Phrìomh Lìog.

"Tha e nas duilghe ach chan eil e do-dhèante", thuirt Foran.

"Tha 12 phuing air fhàgail. Ma gheibh sinn 12 phuing tha fìor dheagh chothrom againn, ach gu follaiseach tha e gu bhith doirbh a-nise", thuirt e.

B' e trì puingean luachmhor a bh' ann airson Ross County.

Tadhail

Thàinig na tadhail air fad bho Liam Boyce is an t-Èireannach air 9 tadhail a chur an aghaidh ICT air an t-seusan seo e fhèin.

Tha County a-nise cha mhòr cinnteach nach crìochnaich iad aig bonn na lìge, ged a tha obair fhathast aca ri ri dhèanamh gus geama dearbhaidh an aghaidh sgioba bhon Championship a sheachnadh.

"Cha bhi sinn aig a' bhonn ach chan eil sinn sàbhailte fhathast", thuirt manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir.

"Feumaidh sinn barrachd phuingean fhaighinn.

"Thuirt mi nuair nach d' fhuair sinn dhan phrìomh shia gun robh mi airson crìochnachadh san t-seachdamh àite. Sin an targaid", thuirt e.

Thig Hamaltan a dh'Inbhir Nis Disathairne, is County air falbh an aghaidh Thobar na Màthar.