Sgoil dùinte aig deargannan

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhStephen McKay/Geograph
fo-thiotal an deilbhThuirt oifigearan nach eil an trioblaid ro dhona.

Chaidh àrd-sgoil air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh Dihaoine gus an tèid dèiligeadh ri deargannan.

Tha an suidheachadh aig Acadamaidh Alanais cuideachd a' ciallachadh gun deach leasanan snàimh aig an sgoil do chloinn bho sgoiltean eile a chur dheth.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi an t-amar-snàimh fosgailte dhan mhòr-shluagh Oidhche Haoine.