Barrachd obraichean aig Àranais

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhBeatrice Offshore Windfarm Limited (BOWL)

Tha obair a bharrachd co-cheangailte ri tuath-gaoith Bheatrice a' tighinn a Ghàrradh Àranais ann an Leòdhas.

Tha cùmhnant aig a' chompanaidh BiFab airson pìosan a thogail airson an tuath-gaoithe ann an Linne Mhoireibh, is fhuair Àranais buannachd às mar-thà.

Thig obair ùr a-nise, is bidh gu leòr ann gus an gàrradh a chumail a' dol gu deireadh na bliadhna.

Bidh feum air mu 100 duine fhastadh.

Thathas an dùil gun tig feadhainn dhuibh sin à Tìr-Mòr, agus sgilean sònraichte a dhìth.

Tha e cuideachd air tighinn am bàrr gu bheil Àranais air cliù math a chosnadh airson an obair a rinn iad airson an tuath-gaoithe thuige seo.

Thathas an dòchas gun cuidich seo obair a bharrachd a thàladh a dh'Àranais san àm ri teachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh