Là na #Gàidhlig 2017
- Air fhoillseachadh
'S e Diardaoin Là Twitter na Gàidhlig, nuair a tha daoine gam brosnachadh Gàidhlig a chur gu feum anns na meadhanan sòisealta.
An-uiridh, chaidh còrr mhath is 4000 tweet a-mach sa chànan, is iad a' ruiginn còrr air dhà gu leth millean neach.
'S e seo an ceathramh Là Twitter na Gàidhlig ach tha ceist ann ge-tà am bi e ann an ath-bhliadhna 's am fear a tha ga chur air dòigh, Seumas Uallas, ag ràdh nach eil gu leòr ùine aige fhèin a chumail a' dol às aonais taic.
Tha esan a' moladh buidheann a stèidheachadh a dh'fhaodadh an là a ghabhail os làimhe.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 21 An Giblean 2016
- 2 An Cèitean 2014