Co-chomhairleachadh mun treas sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Tha an dà sgoil a th' ann an-dràsta a' cur thairis

Thèid iarraidh air Comhairle Baile Ghlaschu aontachadh ri co-chomhairleachadh 'son sgoil Ghàidhlig eile a stèidheachadh sa bhaile.

Thig an t-iarrtas air beulaibh chomhairlichean Diardaoin, 's a' Chomhairle ag ràdh gu bheil an dà sgoil a th' ann an-dràsta a' cur thairis.

San Fhaoilleach am bliadhna, bha iarrtasan ann airson eadar 120 agus 130 àite ann am foghlam Gàidhlig sa bhaile.

Tha a' Chomhairle a' moladh seann sgoil Ghowanhill ann an iar dheas Ghlaschu a leasachadh mar sgoil Ghàidhlig, ged a tha iad ag ràdh gu bheil iad deònach beachdachadh cuideachd air sgoiltean eile a chur gu feum.

Ma thèid taic a chuir ris a' cho-chomhairleachadh, tòisichidh sin anns a' Chèitean.

Dheadh an sgoil ùr fhosgladh anns an Lùnastal 2018.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh