Ath-chruthachadh de Hiort

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Minecraft/ImmersiveMinds
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an dealbh didsiteach de Hiort a chruthachadh airson Là Dualchais na Cruinne a chomharrachadh.

Chaidh dealbh didsiteach de Hiort a chruthachadh anns a' gheama bhideo Minecraft.

Chleachd a' chompanaidh gheamaichean ImmersiveMinds còrr air 3m bloc airson an ìomhaigh a chruthachadh.

Chaidh a dhèanamh airson Là Dualchais na Cruinne a chomharrachadh.

Thuirt manaidsear dualchais Chomhairle nan Eilean Siar, Nick Mac a' Ghobhainn, gur e dòigh mhath a th' ann dhan mhòr-shluagh eòlas a chur air àite a tha duilich faighinn thuige.

Tha seann taighean-tughaidh agus bàtaichean am measg na tha a' nochdadh air a' mhapa.

Dh'obraich ImpressiveMinds le arc-eòlaiche bho Urras Nàiseanta na h-Alba airson dèanamh cinnteach gum biodh an ìomhaigh cho fìrinneach 's a ghabhadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh