Caibideal ùr Choimisein na Croitearachd

Coimisean na Croitearachd

Tòisichidh linn ùr aig Coimisean na Croitearachd Diciadain is am bòrd ùr a' coinneachadh 'son a' chiad uair.

Tha connspaid is buaireadh air an Coimisean a chuairteachadh sa bhliadhna a chaidh seachad.

Fhuair ath-sgrùdadh a dh'iarr an Riaghaltas "laigsean draghail" sa bhuidhinn, is Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, air iarraidh air Àrd-Stiùiriche ùr a' Choimisein, Bill Barron, plana gnìomha a dheasachadh.

Chaidh sia coimiseanairean ùra a thaghadh aig taghadh a' Choimisein bho chionn cola-deug, is chruinnich iadsan agus an triùir choimiseanairean taghte 'son chòmhraidhean neo-oifigeil Dimàirt.

Coinnichidh iad gu h-oifigeil mar bhòrd Diciadain.

Seo cuideachd dìreach an dàrna coinneamh aig dithis den triùir choimiseanairean taghte, is mar sin chan eil ach aon choimiseanair, Dàibhidh Caimbeul, air fhàgail bhon bhòrd a bha aig teis-mheadhan na connspaid a bh' ann.

Ach ged a 's e linn ùr a th' ann, bidh aig a' bhòrd ùr ri dèiligeadh ri dìleab a' bhuairidh.

Na mheasg, tha casaidean a dh'fhàg am Fear-Gairm a bha air a' bhuidhinn, Cailean Ceannadach, orra.

Ceistean

Às dèidh dha àite a chall ann an taghadh a' Choimisein, thuirt Mgr Ceannadach gun robh ceistean mòra air mun dòigh san deach an taghadh a làimhseachadh.

Chaidh Comhairle nan Eilean Siar, a bha a' ruith an taghaidh, gu làidir às àicheadh nan casaidean.

Thuirt an Ceannadach cuideachd gun robh an Coimisean is Riaghaltas na h-Alba air fiosrachadh cudromach a chleith.

Tha e air innse bhon uairsin gu bheil e air comhairle laghail a ghabhail mun ath-cheum a bhios aige.

A bharrachd air sin, bidh aig a' bhòrd ùr ri dèiligeadh ri ceistean a tha air èirigh à rannsachadh poilis ann an Col Uarach an Leòdhas.

Tha croitearan sa bhaile air innse gu bheil iadsan a' meòrachadh air airgead-dìolaidh iarraidh, is na Poilis air innse nach deach an lagh a bhriseadh le comataidh ionaltraidh a' bhaile.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh air mar a bha rathad san sgìre air a leasachadh le taic-airgid bho Chomhairle nan Eilean Siar ann an 2008, is constabal ionaltraidh a chuir an Coimisean an sàs, Cailean Souter, air a' cheist a thogail.

Linn ùr, ma-tha, ach taibhsean gu leòr bhon linn mu dheireadh fhathast mu choinneamh a' bhùird ùir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile