60 obair ann an cunnart ann an Cinn Tìre

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Raymond Hosie
fo-thiotal an deilbhChan eil bliadhna ann bho ghabh CS Wind thairis an fhactaraidh

Tha suas ri 60 cosnadh ann an cunnart aig factaraidh ann an Cinn Tìre a bhios a' dèanamh chrann-gaoithe.

Chaidh innse dhan 150 duine a tha ag obair aig ionad CS Wind ann am Machaire Shànais nach eil òrdughan gu leòr aca 's gum faodadh cuid de na h-obraichean aca falbh.

Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal 's Bhòid, Mìcheal Ruiseal, gur e briseadh-dùil a tha seo dhan sgìre 's nas lugha na bliadhna ann bho ghabh a' chompanaidh thairis an t-ionad.

Thuirt e gu bheil coltas ann gur e nas lugha iarrtais airson chrann-gaoithe air tìr a tha a' toirt buaidh air a' chompanaidh, ach gu bheil iad an dòchas brath a ghabhail air na cothroman airson tuathan-gaoithe aig muir a thogail.

Thuirt e gun robh e an dòchas mar sin gun tig àrdachadh air àireamh an luchd-obrach a-rithist.