Soidhnichean rabhaidh ann am Muile

Rathad ann am Muile
Image caption Tha uidheaman iùil gan coireachadh airson carbadan mòra a stiùireadh gu rathaidean beaga.

Tha Comhairle Choimhearsnachd Mhuile a' beachdachadh air soidhnichean rabhaidh a chur suas a dh'innseas do dhràibhearan nach eil cuid de rathaidean cumhang an eilein freagarrach do charbadan mòra.

Bhon a chaidh faraidhean RET a leudachadh gu aiseagan Mhuile, tha barrachd bhanaichean-campachaidh a' dol dhan eilean.

Ged a tha fàilte ga cur air an àrdachadh anns an àireamh de luchd-turais, tha dragh ann gu bheil innealan Sat Nav gan stiùireadh gu rathaidean beaga nach eil freagarrach airson charbadan mòra.

Thuirt Cathraiche Chomhairle Choimhearsnachd Mhuile agus Eilean Ìdhe, Billy McClymont, gum feumar fiosrachadh a thoirt do dhaoine airson an cumail air an t-slighe cheart.

Tha iad a' coimhead ri soidhnichean a chur suas aig cinn rathaidean beaga airson innse do dhràibhearan nach eil iad freagarrach airson charbadan a tha càil nas fhaide na 6m.