Dragh mu sheirbheis fiaclaireachd Uibhist

Uidheamachd fiaclaireachd Image copyright GOMBERT, SIGRID/SCIENCE PHOTO LIBRARY
Image caption Tha moladh ann na trì ionadan fiaclaireachd ann an Uibhist a thoirt còmhla.

Feumaidh Co-bhòrd Amalachaidh Sheirbheisean Slàinte is Cùraim nan Eilean Siar £700,000 de ghearraidhean a dhèanamh airson am buidseat a chothromachadh san ath-dhà bhliadhna.

Tha seo a thuilleadh air còrr is £1m de ghearraidhean a tha iad air comharrachadh mar-thà.

Am measg nam molaidhean, tha seirbheisean fiaclaireachd Uibhist a thoirt còmhla aig ospadal Bhaile a' Mhanaich - rud a chùmhnadh £300,000 dhaibh.

Tha trì ionadan fiaclaireachd san sgìre an-dràsta, agus tha an comhairliche Uibhisteach Raghnall MacFhionghain, a tha cuideachd na bhall den Cho-bhòrd, ag ràdh gum feum muinntir Uibhist an guth a thogail an aghaidh a' phlana.

"Tha e suas le muinntir nan Uibhistean seasamh suas nuair a bhios na coinneamhan ann agus na beachdan aca fhèin a chuir air aghaidh".

"Rud a tha na daoine ag iarraidh ann an Uibhist 's e seirbheisean ceart anns an ospadal airson nan daoine a tha bochd - chan e toirt a-staigh rudan eile air am muin".