Ro-innleachd ùr a dhìth dha na h-ealain Ghàidhlig

fidheall

Nochd beachd gu bheil feum air ro-innleachd ùr dha na h-ealain Ghàidhlig.

Thàinig am moladh air adhart is Rona Dhòmhnallach bho Ghlaschu Beò gu bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig airson trì mìosan mar phàirt de cho-obrachadh ùr eadar na buidhnean.

Tha cothrom ann togail air co-obrachadh den leithid is deasbad a thòiseachadh mu na h-ealain, thuirt prionnsabal an t-Sabhail Mhòir, an t-Oll. Boyd Robasdan.

"S e beachd a tha seo a nochd bho thaobh Ghlaschu far a bheil Rona Dhòmhnallach air a bhith a' saothrachadh anns na h-ealain Ghàidhlig fad iomadh bliadhna", thuirt an t-Oll. Robasdan.

"Bha miann aice a bhith a' co-obrachadh le Sabhal Mòr ann an iomairt airson ro-innleachd a chruthachadh an dà chùid airson Glaschu fhèin agus airson Sabhal Mòr.

"S e cothrom a tha seo coimhead air feumalachdan ann an sgìre dhùthchail, mar a th' againn an seo, agus ann am baile mar Ghlaschu", thuirt e.

Beàrn

Thuirt an t-Oll. Robasdan gu bheil faireachdainn ann nach eil ro-innleachd ann dha na h-ealain Ghàidhlig san fharsaingeachd san là a th' ann.

Chaidh prìomh bhuidheann nan ealan Gàidhlig, Pròiseact nan Ealan, à bith aig deireadh 2015, is iad ag ràdh nach robh airgead gu leòr aca.

Bha a' buidheann air a bhith a' dol fad 30 bliadhna.

Thuirt an t-Oll. Robasdan gu bheil cothrom ann a-nise deasbad a thòiseachadh às ùr mun t-slighe air adhart dha na h-ealain.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh àm ann far an robh barrachd deasbaid a' dol mu dheidhinn nan ealan Gàidhlig, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil feum air coimhead às ùr air lèirsinn airson nan ealan ann an Gàidhlig is deasbad a bhith ann.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin a' chiad rud a tha a dhìth, deasbad a bhith ann, agus 's dòcha gun tig sin mar phàirt den cho-luadar a bhios aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh am plana Gàidhlig.

Co-labhairt

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e feumail co-labhairt a bhith ann a leigeadh le daoine a tha an sàs anns na h-ealain tighinn còmhla agus a bhith a' meòrachadh air an t-slighe air adhart as aonais Pròiseact nan Ealan, a bha cho èifeachdail aig aon àm.

"Tha ceannas a dhìth, chan eil e soilleir an-dràsta dè an t-slighe air adhart is cò bhios ga threòrachadh", thuirt e.

Dh'innis an t-Oll. Robasdan gur dòcha nach e buidheann ùr mar Phròiseact nan Ealan a tha a dhìth, ach plana soilleir a dh'innse cò tha a' stiùireadh nan ealan is dè thathas a' sùileachadh bhuapa.

Tha cothrom ann, thuirt e, co-obrachadh eadar diofar bhuidhnean a tha an sàs anns na h-ealain Ghàidhlig air feadh na dùthcha a bhrosnachadh is a stiùireadh.

Dh'fhaodadh sin bualadh air SMO fhèin, Glaschu Beò, is àiteachan mar An Lanntair is Taigh Chearsabhagh, thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile